Rach air ais gu
taisbeanaidhean & dealbhan
Rach air ais gu www.andrewnewland.com
Sealladh Rach air ais gu duilleag clàr-amais dealbhan
Kenny's
Gaillimh
Origin
Baile Átha Cliath
L'Hôtel Gabriel
Lorient
Rach gun phàirt den làrach-lìn mu dheidhinn dealbhan & dealbhadh
Gheibh sibh an seo fiosrachadh mu dheidhinn an taisbeanaidh 'Sealladh'
a chaidh a shealltainn ann an Gaillimh agus ann am Baile Átha Cliath rè 2006

Sidheán, Cill Mháille, Inis, Co.an Chláir, Éire. Post-dealain
Fòn: (065) 6839383 (Eadar-nàiseanail: +353 65 6839383) Fòn-làimhe: (086) 8074125 (Eadar-nàiseanail: +353 86 8074125)
Is ann le Andrew Newland a tha còirichean na saothrach seo. Chan fhaod sibh i a chleachdadh gun cead bhon dealbhadair

Rach gun phàirt den làrach-lìn mu dheidhinn teagasg ealaine & dealbhadh
Rach air ais gu duilleag dachaighe Andrew Newland

Leagan Gaeilge

English version

Cúige Connacht, Éire agus Na h-Eileanan Siar, Alba

Sealladh Bheàrnaraigh, Alba 521169
Sealladh Bheàrnaraigh, Alba
Peant ola air canabhas 760 x 2730 mm

Sealladh

Dealbhan bhon taobh siar de roinn Connacht, Èire agus
bho Na h-Eileanan Siar, Alba, a chaidh a shealltainn ann an:

The Kenny Gallery
An tSráid Láir, Gaillimh, Èire
3 - 23 den Ghearran 2006
Catalog agus dealbhan bho The Kenny Gallery, Gaillimh

The Origin Gallery
83 Sráid Harcourt, Baile Átha Cliath 2, Èire
13 den Mhàrt - 21 den Ghiblean 2006
Catalog agus dealbhan bho The Origin Gallery, Baile Átha Cliath

L'Hôtel Gabriel, Lorient
Pàirt den 36amh Festival Interceltique Lorient
29 den t-Iuchar - 6 den Lùnastal 2006
Catalog agus dealbhan bhon Hôtel Gabriel, Lorient

Bha taghadh de dhealbhan aig gach àite

Mise a' peantadh ann an Beàrnaraigh, Alba, An t-Iuchar 2005
Mise a' peantadh ann am Beàrnaraigh, Alba, An t-Iuchar 2005
(Dealbh camara le Christian Kranz)

Chuir an taisbeanadh seo an làthair sreath dealbhan ò dà àite a tha gu math cosmhuil ri chèile, gu h-àraidh a thaobh dreach tìre agus chànain. Is e taobh Siar na Connachta (taobh siar Shìorrachd na Gaillimhe agus Shìorrachd Mhaigh Eo) ann an Eirinn agus na h-Eileanan Siar a mach ò oirthir an iar na h-Albann an dà cheàrnaidh seo. Roghnadh iad gu h-àraidh as leth choltais eadar riochd tìre nan ceàrnaidhean agus a chionn 's gu bheil iad suidhichte ann an taobh an iar nan dùthchannan.

Gheibhear mòran coltais eadar an dà dhealbh tìre, le tràighean farsainn gainnimh, monaidhean ann am feadhainn àitean agus talamh rèidh an taobh na mara ann an àitean eile. Tha patran an àiteachaidh glè chosmhuil a cheart cho math ri àiteachadh meadhonach dlùth anns na ceàrnaidhean ri taobh na mara an taca ri ceàrnaidhean falamh ann am meadhon na dùthcha. Tha patran na h-aimsire cosmhuil ri aimsir bhriste a fhreagras gu minig do sgothan air leth annasach. Thathar an dùil is an dòchas gu robh a leithid seo de rud ri fhaicinn anns na dealbhan anns an taisbeanadh.

Mairidh a' Ghàidhlig bheò anns an dà àite. Tha Gàidhlig na h-Eireann gu h-àraidh ga bruidhinn ann an Gàidhealtachd Chonamara ann an Sìorrachd na Gaillimhe, cho math ri ann an Sgìre Thuar Mhic Éadaigh, Acaill, Iorras agus Ceathramh Thaidhg ann an Sìorrachd Mhaigh Eo. Tha Gàidhlig na h-Albann ga bruidhinn air feadh nan Eilean Siar, gu h-àraidh ann an Eilean Leòdhais, ach anns na Hearadh, ann an Uidhist a Tuath is Uidhist a Deas agus ann am Barraigh a cheart cho math. Bha riochd Gàidhlig air ainmean-àite ga chleachdadh anns an taisbeanadh, agus aig àmannan air leth bha sin ri fhaicinn mar chuid de innleachd an deilbh, air strìochan air bhàrr no aig bun an chanbhais.

Fhuaras riamh is gheibhear fhathast co-cheangal eadar an dà àite agus togail bàtaichean traidiseanta fiodha, húicéiri, gleoiteoga agus púcáin ann an Conamara agus eathraichean Niseach agus Griomasach anns na h-Eileanan Siar, dualchas a leanas gus an latha an diugh. Nochdar dealbhan de chaochladh bàtaichean anns an taisbeanadh. Chaidh an tiotal 'Sealladh' a ghabhail ò thè de na h-eathraichean dùthchasach fiodha a pheinnt mi aig àm dhomh fantail ann an Eilean Bheàrnaraigh (Caolas na Hearadh). Tha am facal 'Sealladh' a' ciallachadh fradhairc ann an Gàidhlig na h-Albann, agus coimhid no grad-sheallaidh ann an Gàidhlig na h-Eireann.

Chaidh na dealbhan air fad a dhèanamh anns na h-àitean fhèin ann an Eirinn agus ann an Albainn, rud a chuireas, nam bheachd fhèin, tuilleadh beothalachd anns an t-saothair. Bha an litreachadh air na canbhasan mòra ga dhèanamh nas anmoiche anns an stiùidio.

Eadar-theangaichte gu Gàidhlig Albannaich le Axel Koehler, MA le urram (Obar Dheathain), MSc (Dùn Èideann), Oileanach-rannsachaidh iar-cheumnach ann am beul-aithris na Gàidhlig airson PhD (Dotaireachd na Feallsanachd) ann an Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Albann air Oilthigh Dhùn Èideann.

Triptic Mhaínse, Co. na Gaillimhe, Éire 521179
Triptic Mhaínse, Co. na Gaillimhe, Éire
Peant ola air canabhas 760 x 2730 mm

Leagan Gaeilge

English version